
Tha an sgudal ann an Dùn Èideann air a bhith a' càrnadh.
Tòisichidh stailc le luchd-obrach nam binichean air a' Ghàidhealtachd Diciadain is còmhraidhean mu phàigheadh air fàiligeadh.
Chaidh àrdachadh de 5% a thabhainn orra le buidhean riochdachaidh nan ùghdarrasan ionadail, COSLA, ach chaidh sin a dhiùltadh.
Diùltaidh luchd-obrach aig Comhairle na Gàidhealtachd binichean fhalamhachadh fad seachd là is an t-aonadh Unite a' sireadh aonta nas fheàrr dhaibh.
Tha an sgudal an dèidh bhith a' càrnadh an Dùn Èideann is na ceudan luchd-obrach air a dhol air stailc an sin.
Tha dùil ri stailcean ann am mòran sgìrean comhairle eile air feadh Alba anns na làithean ri teachd.

Thòisich an stailc ann an Dùn Èideann air an 19mh den Lùnastal agus tha dùil gum mair i 12 là.
Dh'atharraich comhairlean an tairgse aca bho 3.5% gu 5%, ach cha tèid sin gu buill Unite is an t-aonadh ag ràdh gu bheil tuilleadh fiosrachaidh a dhìth mun bhuaidh a bheireadh an t-aonta sin air an luchd-obrach leis na tuarastail as ìsle.
Thèid buill bhon GMB air stailc air an deireadh-sheachdain seo agus a-rithist eadar an 7mh agus an 10mh là den ath-mhìos.
Thuirt Unite gun coinnich iad ri COSLA Dimàirt is iad an dòchas tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mun àrdachadh ùr.
Mhol am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, ron seo gum bu chòir do chomhairlean tairgse de 5% a thabhann 'son tuilleadh stailcean a sheachnadh.