Naidheachdan 11:00m
Cosgaisean connaidh
Bidh am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, sa chathair an-diugh aig àrd-choinneamh mu phrìsean gas is dealain. Bidh riochdairean ann bho na companaidhean cumhachd agus buidhnean-riochdachaidh an luchd-cleachdaidh. Tha rabhadh ann gum faodadh cunntas connaidh na bliadhna £6,000 a ruighinn sa chumantas airson dachaighean san Rìoghachd Aonaichte.
Jagtar Singh Johal
Tha buidheann chòraichean daonna, Reprieve, ag ràdh gu bheil fianais aca gun robh seirbheisean dìomhair Bhreatainn ag obair còmhla ris na h-Ìnnseachan ann an cùis an Albannaich Jagtar Singh Johal, a tha an grèim an sin - agus a chaidh a chiùrradh, a rèir a theaghlaich. Tha am fear-iomairt Sikh air a bhith sa phrìosan airson còig bliadhna fo chasaid gun robh e ri cuilbheart murt agus ceannarc a dhèanamh. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach biodh e iomchaidh dhaibh càil a ràdh mu chùis-lagh a tha a' leantainn.
Nighean air a marbhadh
Chaidh nighean, naoi bliadhna a dh'aois, a mharbhadh agus chaidh dithis inbheach a leòn an dèidh ionnsaigh gunna am broinn dachaigh ann an Liverpool an-raoir. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm dhan taigh ann an sgìre Knotty Ash mu dheich uairean. Tha an gunnair fhathast mu sgaoil.
Àranais
Chaidh an cùmhnant as motha a fhuair iad fhathast don chompanaidh leis a bheil gàradh-togail Àranais ann an Leòdhas. Thuirt Harland and Wolff gur ann airson innealachd a thogail do chompanaidh mhèinnearachd sa Ghraonlann a tha an cùmhnant. Tha dùil gun tòisich an obair an ath-mhìos agus gum bi i deiseil sa Ghiblean an ath-bhliadhna.
Orbex
Thuirt a' chompanaidh air cùl phlanaichean rocaidean a chur dha na speuran à port-fànais ann an Cataibh gu bheil iad airson 50 duine fhastadh thairis air an ath shia mìosan. Bidh tòrr de na dreuchdan stèidhichte aig làrach Orbex ann an Ceann Lois do luchd-obrach teicnigeach, ach thuirt iad gum bi cothroman cosnaidh ann do dhaoine eile san oifis aca ann am Farais.
Stailc luchd-sgudail
Tòisichidh stailc aig luchd-obrach nam binichean air a' Ghàidhealtachd a-màireach mar phàirt de dh'iomairt nan aonaidhean airson àrdachadh pàighidh bho chomhairlean na h-Alba. Dhiùlt Unite gabhail ris an àrdachadh pàighidh as ùire luach 5%. Bidh Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail, COSLA, a' coinneachadh ri na h-aonaidhean a-rithist an-diugh ann an oidhirp an còrr stailcean a sheachnadh.
Taigh Ceilidh
Agus chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad airson ionad Gàidhlig ùr a leasachadh ann an Steòrnabhagh. Tha an Taigh Ceilidh air cead fhaighinn bho Chomhairle nan Eilean Siar gus bùth leabhraichean, cafe, agus àite airson tachartasan a chruthachadh ann an seann bhùth Stornoway Memorials air Sràid na h-Eaglaise.