
Tha Prionnsabal agus Iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) a' leigeil dheth a dhreuchd.
Fàgaidh an t-Oll. Todd Walker an obair tràth an ath-bhliadhna.
Thòisich Mgr Walker san dreuchd ann an 2021 ach bha e ag obair aig astar à Astràilia 'son beagan mhìosan an toiseach air sgàth riaghailtean Covid-19 a bha a' cur bacadh air daoine bho a bhith a' siubhal.
Thuirt Mgr Walker: "Is e seo aon de na co-dhùnaidhean proifeasanta as duilghe a rinn mi, ach aig a' cheann thall chaidh a phiobrachadh le adhbharan teaghlaich is pearsanta.
"Tha mi a' cur luach mhòir air a' chothrom a fhuair mi UHI a stiùireadh agus chòrd an ùine agam an seo ann an Alba rium gu mòr."
Mhol Cathraiche Cùirt UHI, Alastair MacColla, ceannas agus stiùbhardachd Mhgr Walker thar an dà bhliadhna mu dheireadh.
"Tha an t-Oll. Walker air a bhith os cionn ath-bhranndadh UHI gu soirbheachail, air UHI a stiùireadh tro ghalar sgaoilte Covid agus air toraidhean air leth fhaicinn ann am buaidh rannsachaidh agus sàsachd oileanach," thuirt e.
Connspaid
Bha beagan de chonnspaid ann nuair a thòisich Mgr Walker san dreuchd an-uiridh.
Thàinig air leisgeil a thabhann an dèidh do aithris ann am pàipear-naidheachd ionadail a ràdh gun tuirt e gu robh làithean nan "cùrsaichean faoin" no "vanity courses" aig UHI seachad.
Chuir an aithris fearg air mòran, oileanaich agus òraidichean nam measg.
Bha beachd ann gun robh an aithris a' ciallachadh nach robh a dhìth ach cùrsaichean dreuchdail a dheasaicheadh daoine airson obraichean sònraichte agus cùrsaichean ceangailte ri gnìomhachasan a bheir fàs air an eaconomaidh.
Thuirt an t-Oll. Walker nach robh na chaidh sgrìobhadh a' tighinn a rèir a bheachdan agus nach robh e idir a' smaoineachadh gun robh cuid de chùrsaichean nas luachmhoire na feadhainn eile.
Innsidh cùirt UHI a dh'aithghearr dè am pròiseas a bhios ann neach ùr a chur dhan dreuchd.