
Thèid 50 duine fhastadh anns na sia mìosan a tha ri teachd leis a' chompanaidh air cùl phlanaichean rocaidean a chur dha na speuran à larach ann an ceann a tuath na h-Alba.
Thuirt Orbex gum bi an luchd-obrach seo a' cuideachadh leis an obair ullachaidh mu dheireadh gus rocaidean a chur suas à Port-fànais Chataibh.
'S ann do luchd-obrach einnseanaireachd agus teigniceach a bhios mòran de na dreuchdan ùra aig ionad dearbhaidh Orbex ann an Ceann Lois - ag obair gu sònraichte air an rocaid Prime aca a leasachadh, cho math ri siostaman conaltraidh eadar luchd-obrach air a' ghrunnd agus an rocaid fhèin nuair a bhios e san adhar.
Ach tha a' chompanaidh ag ràdh gum bi cuideachd cothroman ann do dhaoine aig a bheil eòlas mu ionmhas, solarachadh agus obair-eagrachaidh ath-thrèanadh fhaighinn ann an gnìomhachas an fhànais.
Bidh iad a' fastadh dhaoine thairis air an ath-shia mìosan agus iad aig an ìre mu dheireadh den phròiseact rocaidean a chur dha na speurean à Port-fànais Chataibh ann an Àird na Mòine.