Naidheachdan 11:00m

Stailc

Chaidh an stailc aig luchd-obrach sgudail ann an Alba a leudachadh gu 14 sgìrean comhairle eile an-diugh. Tha criuthaichean sgudail ann an àitichean mar Ghlaschu, Dùn Dè, Roinn na Gàidhealtachd agus Obar Dheathain air a dhol an lùib luchd-obrach ann an Dùn Èideann a choisich a-mach air an t-seachdain seo chaidh. Chaidh na stailcean a ghairm leis an aonadh Unite 's iad mì-thoilichte leis an tairgse pàighidh de 5% a tha na h-ùghdarrasan ionadail a' tabhainn.

Easbhaidh na h-Alba

Thàinig lùghdachadh air a' bheàrn eadar na tha Alba a' cosg air seirbheisean poblach agus na bha i a' cosnadh ann an cìsean. Sheall àireamhan GERS airson na bliadhna-ionmhais a dh'fhalbh gun do thuit na chaidh a chaitheamh leis an Riaghaltas gu £97.5bn. Aig a' cheart àm, dh'èirich an teachd-a-steach bho chìsean £11bn gu cha mhòr £74bn. Tha an easbhaidh a' seasamh aig 12.3% de GDP na h-Alba, còrr air a dhà uimhir air ìre na Rìoghachd Aonaichte gu lèir.

Liverpool

Thuirt poilis ann an Liverpool gu bheil iad air an duine a chaidh a leòn san ionnsaigh ghunna anns an deach nighean bheag a mharbhadh a chur an grèim. Tha an duine, a tha 35, saor bhon phrìosan air ceadachas, agus tha e a' tilleadh air ais a-niste airson an còrr de a bhinn a choileanadh. Tha oifigearan ag iarraidh air eucoirich ann an Liverpool le fiosrachadh mu bhàs Olivia Pratt-Korbel a thighinn a bhruidhinn riutha.

An Ucràin

Tha daoine anns an Ucràin a' comharrachadh là neo-eisimeileachd na dùthcha an-diugh. Tha tèarainteachd ann am bailtean mar Kyiv aig an ìre as àirde air eagal 's gun adhbharaich seo tuilleadh ionnsaighean Ruiseanach. Anns an òraid aige thuirt an ceann-suidhe, Volodymyr Zelensky, gun cùm na h-Ucràinianaich orra a' sabaid gus am bi iad air na Ruiseanaich a phutadh air ais, agus nach gèill iad air rud sam bith.

Loch Abar

Chaidh dithis a chaill am beatha ann an tubaist-rathaid ann an Loch Abar air an t-seachdain seo chaidh ainmeachadh leis na Poilis. Chaochaill Eileen Gow, a tha 60 bliadhna de dh'aois, agus Jamie Sykes, aois 25, nuair a bhuail na càraichean Fiat agus BMW aca faisg air Drochaid an Aonaichain Diardaoin. Bhuineadh an dithis dhan sgìre. Tha na Poilis air iarrtas ùr a dhèanamh airson neach sam bith le fiosrachadh mun tubaist brath a leigeil thuca.

Rab Wardell

Thuirt an rothaiche Oilimpigeach Katy Archibald gu bheil e do-dhèanta dhi cunntas a thoirt air a' chràdh a tha i a' faireachdainn às dèidh bàs a cèile Rab Wardell. Chaochail Mgr Wardell san leabaidh oidhche Luain 's Archibald ag ràdh gun do dh'fhulaing e grèim-cridhe. Dh'eug Wardell, a bha 37, dìreach beagan uairean de thìde às dèidh dha nochdadh air an telebhisean a' mineachadh mar a bhuannaich e farpais baidhseagalachd beinne na h-Alba air an deireadh-sheachdain.