Flù nan eun a thug bàs do dh'isean iolaire-mara am Muile

  • Air fhoillseachadh
iolaire-mara

Chaidh dearbhadh gur e flù nan eun a thug bàs do dh'isean iolaire-mara ann am Eilean Mhuile.

Tha fios gun do bhàsaich co-dhiù ceithir iseanan san eilean anns na beagan sheachdainean a dh'fhalbh, 's amharas ann gun robh iad a' fulang leis a' ghalar.

Thàinig air luchd-obrach bhon RSPB aodach dìonach a chur orra agus craobhan a shreap gus closaichean nan eun fhaighinn gus sgrùdadh a dhèanamh orra.

Tha dragh ann gu bheil na mìltean de dh'eòin air bàsachadh bho chaidh an galar ma sgaoil.