Dùbhlan ro charthannasan air a' gheamhradh-sa

Tha uidhir de theaghlaichean a' cur feum air taic ri linn mar a tha cosgaisean bith-beò air èirigh 's gu bheil cuid de charthannasan air Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan ga fhaighinn duilich dèiligeadh ris a h-uile iarrtas a tha a' tighinn thuca.

Agus leis a h-uile coltas ann gur ann nas àirde buileach a thèid cosgaisean air a' gheamhradh sa tha Cathair Eaglais Inbhir Nis mur tha air tòiseachadh a' cruinneachadh aodach blàth do chloinn agus dùil aca gum ri iarrtas mòr air a shon am bliadhna.

Ann an Leòdhas, tha a' bhuidheann Oisean a' Chalmain airson daoine a bhrosnachadh taic iarraidh, agus iomagain orrasan mu bhochdainn connaidh ann an sin.

Tha Nicole Mhoireach ag aithris...