Fearg mu phlana ùr a thaobh chidhe Ùige

  • Air fhoillseachadh
Cidhe ÙigeTùs an deilbh, Geograph / Matthew Chadwick

Tha cuid anns na Hearadh feargach mu phlana ùr airson na seirbheis aiseig aca fhad 's a bhios cidhe Ùige dùinte airson obair-leasachaidh.

Nochd dragh mòr roimhe mu mholaidhean gus an cidhe a dhùnadh fad sia mìosan bhon Dàmhair.

Bhiodh seirbheis aiseig eadar Uibhist a Tuath is Ulapul ach cha bhiodh seirbheis aig an Tairbeart idir.

Thàinig e am bàrr aig coinneimh aig deireadh na seachdain eadar Ministear na Còmhdail, BP is BPA nan Eilean Siar, agus riochdairean coimhearsnachd eile, gu bheil molaidhean ùra air nochdadh.

Fon phlana seo, bhiodh an obair a' dol air adhart thairis air 14 seachdainnean eadar an 30mh den Fhaoilleach is an 27mh den Mhàrt 2023, is an uairsin eadar an 30mh den Dàmhair agus an 11mh den Dùbhlachd.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gun do dh'innis CalMac aig a' choinneimh "gun robh e na bu choltaiche gum biodh an MV Arrow agus an MV Pentalina rim faighinn aig na h-amannan seo".

Thuirt e nan tachradh seo gum biodh seirbheisean air an neartachadh. Aig an ìre seo, cha deach aonta a ruighinn le Pentland Ferries mun Phentalina.

Dh'innis Alasdair Allan gun robh e a' cur fàilte air na molaidhean ùra is e den bheachd gum bi e nas fhasa airson ghothachasan is luchd-siubhail eile obrachadh timcheall orra.

Milleadh

Ach tha cuid anns na Hearadh nach eil ag aontachadh.

Thuirt Buidheann Leasachaidh na Hearadh gu bheil coltas nas fheàrr air na molaidhean, ach gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil an obair-leasachaidh a' fàgail gu bheil ceist mhòr ann mu dè cho earbsach 's a bhios an t-seirbheis tro chidhe Ùige tron t-samhradh 2023.

"Chan eil gealltanas sam bith againn gum bi am bàta a' seòladh a h-uile là aig àm an t-samhraidh - tha dusan seachdain ann an clàr-ama an t-samhraidh - nuair a tha deasbad mòr am b'urrainn dhan bhàta seòladh.

"Ma tha gaoth idir ann, chan urrainn dhi ceann a' chidhe a chleachdadh airson faighinn ri taobh a' chidhe, agus tha sin a' cur barrachd mì-dhòchas ann na bh' ann riamh", thuirt e.

Dh'innis Mgr MacLeòid gun do rinn trioblaidean leis an MV Hebrides às t-samhradh seo "milleadh". Thuirt e nam biodh troimhe-chèile ann an ath-bhliadhn' "gun cuireadh e crìoch air na Hearadh".

Chan eil a' bhuidheann air an dòigh nas motha nach d'fhuair iad cuireadh chun na coinneimh.

Thuirt Mgr MacLeòid gur e na Hearadh as motha a tha a' fulang leis nach bi seirbheis aiseig aig an Tairbeart nuair a tha an obair a' dol air adhart, is gu bheil e deatamach gum bi guth aca aig coinneamhan mar seo.

Thog e dragh nach d'fhuair iad cuireadh air sgàth is gun robh iad air ceistean a thogail mu na planaichean roimhe.

Mearachd rianachd

Thuirt neach-labhairt bho Chòmhdhail Alba gu bheil Ministear na Còmhdhail gu math mothachail mun dragh a th' ann aig ìre na coimhearsneachd mu chidhe Ùige is gu bheil còmhraidhean a leantainn leis na coimhearsnachdan sin.

Dh'innis iad gun robh a' choinneamh ann gus bruidhinn mu roghainnean eile is gun robh feadhainn às na Hearadh am measg na bha an làthair.

Thuirt iad gun robh taic san fharsaingeachd airson nam molaidhean ùra, ach gu bheil feum air obair a bharrachd.

Thuirt iad cuideachd nach deach buidheann sam bith a bh' aig coinneamhan ron seo fhàgail às, is gun robh coltas ann gur e mearachd rianachd a bu choireach airson na thachair.