
Nochd fireannach sa chùirt fo chasaid gun do dh'fheuch e ri boireannach aois 84 a mhurt ann am Moireibh.
Chaidh na poilis a ghairm gu Clabhsa an Trìlleachain ann am Farrais oidhche Dhòmhnaich.
Thugadh am boireannach gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis 's i air a droch ghoirteachadh.
Nochd Scott McCulloch, a tha 25 's a bhuineas do dh'Fharrais, aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis Dimàirt fo chasaid gun do rinn e ionnsaigh a chùm fìor dhroch leòn, cunnart beatha agus oidhirp air murt.
Cha do rinn e tagradh sam bith, 's chaidh a chumail an greim.