Taisbeanadh mu bheatha Iseabail Gowdie
Dh'fhosgail taisbeanadh ealain ann an Inbhir Narainn stèidhichte air beatha Iseabail Gowdie.
Cò i? Uill, anns an 17mh linn dh'aidich i ri casaidean gur e bana-bhuidseach a bh'innte.
Chaidh am fianais a thug i seachad aig an àm a' chlàradh - 's i ag innse, am measg eile, mu choinneamhan leis an droch spioraid agus a bhith a' cur daoine fo gheasaibh.
Tha Magaidh NicFhionghuin ag aithris.