
Tha feum air poileasaidhean ùra agus taic-airgid san aithghearrachd 'son stad a chur air crìonadh sluaigh nan Eilean Siar.
'S e sin a thuirt Comhairle nan Eilean Siar às dèidh do Chlàran Nàiseanta na h-Alba fiosrachadh a sgaoileadh a tha a' tomhas gun crìon sluagh nan Eilean Siar nas motha na sgìre eile sam bith an Alba.
A rèir nam figearan, taobh a-muigh, tuitidh àireamh-sluaigh nan Eilean Siar còrr air 6% ro 2028.
Thathas a' sùileachadh lùghdachadh dìreach gann air 6% ann an Earra-Ghàidheal cuideachd.
A' bruidhinn air Aithris na Maide, thuirt cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, nach eil na figearan nan iongnadh is gu bheil an t-ùghdarras mothachail air an t-suidheachadh.
Thuirt e ge-tà, gu bheil feum air gnìomh agus gu sgiobalta no gum bi "làithichean gu math dubhach" ro na h-Eileanan an Iar.
"Tha sinn a' faicinn gu bheil sinn a' call ar daoine òga agus tha sinn ag iarraidh phoileasaidhean a bhith air an cur air cois a chuireas dìon agus a chumas daoine òga anns na h-Eileanan", thuirt an Comh. Crichton.
Bun-structar
"'S e cùis dheatamach a th' ann gun teagamh. Feumaidh bun-structar làidir a bhith againn is eaconomaidh làidir againn ma tha sinn a' dol a chumail ar sluaigh.
"Tha sin a thaobh còmhdhail - tha lìonra nan aiseagan briste - is tha sinn feumach air cuideachadh le sin. Feumaidh cuideachadh cuideach airson na roinn didseataich airson bann-leathann a neartachadh.
"Gun teagamh, feumaidh cuideachadh cuideachd a bhith ann a thaobh taigheadais, is barrachd cumhachd is barrachd cho-dhùnaidhean a thaobh ionmhas an taigheadais a bhith air an dèanamh anns na h-Eileanan is cumhachd a thoirt dhan Chomhairle", thuirt e.
Dh'innis an Comh. Crichton gu bheil an cuspair seo air a bhith na phrìomhachas dhaibh 'son bhliadhnaichean is iad 'son sluagh a ghlèidheadh, is daoine ùra a thàladh.
A thuilleadh air barrachd cumhachd dha ùghdarrasan ionadail, thuirt e gu bheil feum air poileasaidhean ùra eile aig ìre an Riaghaltais, agus tuilleadh taic-airgid.
Tha feum air gnìomh gu math fhèin luath, thuirt e.
"Feumaidh obair a bhith air a dèanamh gu math aithghearr airson feuchainn ri stad a chur air a' chrìonadh a tha seo", dh'innis e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh31 An Lùnastal 2022
