
Bha Iain Swinney a' bruidinn is e ann an Uibhist Diardaoin.
Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear air leisgeul a thabhainn airson a' bhuairidh a th' air a bhith ann le seirbheisean aiseig ChalMac.
Thuirt Iain Swinney ge-tà, gu bheil Riaghaltas na h-Alba faisg air aonta a ruighinn airson soitheach a bharrachd fhaighinn dhan lìonra.
Bha e a' bruidhinn 's e a' tadhal air Uibhist, far an do dh'fhosgail e ionad cultarail ùr Chnoc Soilleir gu h-oifigeil Diardaoin.
Thuirt Mgr Swinney gu bheil e gu math mothachail air an troimh-chèile a th' ann le seirbheisean a tha riatanach do choimhearsnachdan is gu bheil e duilich mun t-suidheachadh.
Dh'innis e gu bheil obair a' leantainn gus lìonra ChalMac a neartachadh.
Ceumannan
"Tha soitheachan ùra a' tighinn an ath-bhliadhna bho Ghàrradh MhicFheargais is bha dàil orra sin a chuir ris na trioblaidean.
"Tha aonta againn airson aiseagan eile a thig ann an 2024, ach tha ceumannan eile a tha an Riaghaltas a' gabhail an-dràsta fhèin airson cur ris an lìonra aig CalMac.
"Chan eil naidheachd ann aig an ìre seo ach tha obair a' leantainn is tha sinn ag amas air aonta a ruighinn a dh'aithghearr", thuirt e.
Thathas tric ag ainmeachadh a' chatamaran am Pentalina aig Pentland Ferries, a tha ri reic an-dràsta ann an Arcaibh.
Dh'innis Pentland Ferries air a' mhìos seo chaidh gu bheil iad ann an còmhraidhean gus am Pentalina a reic no a chur a-mach air màl, ged nach canadh iad an còrr.