
Chuir Comhairle na Gàidhealtachd fàilte air naidheachd gum faigh pròiseactan bun-structair san Eilean Sgitheanach agus ann an Eige taic-airgid.
Tha an t-airgead a' tighinn bho Mhaoin Bun-structair nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba.
Theid £440,000 a dh'ionnsaigh ionaid ùir aig Bodach an Stòir le stòras mu dhualchas an àite, àite airson bùtha, is goireasan 'son cumhachd a chumail ri càraichean dealain.
Tha £72,000 ann 'son leasachadh taigheadais ann an Eige.
"Tha sinn air ar dòigh leis an taic-airgid", thuirt an comhairliche Sgitheanach, Iain Fionnlasdan, cathraiche Comataidh an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair.
"'S e làrach air leth cudromach a th' ann am Bodach an Stòir dhan sgìre sin is tha obair mhòr air a dèanamh anns na bliadhnaichean mu dheireadh gus am faigh a' choimhearsnachd buannachd mhaireannach is sheasmhach às", thuirt e.
Strì
Ann an Eige thèid an t-airgead a chosg air obair ullachaidh riatanaich mu choinneimh thaighean ùra.
Dh'innis cathraiche Comataidh Loch Abair, an Comh. Ceit Willis, gu bheil feum mòr air taighean ùra san eilean.
"Tha Eilean Eige air a bhith ann an làmhan na coimhearsnachd fad 25 bliadhna is air soirbheachadh gu mòr.
"Tha dìth thaighean na dhuilgheadas mòr ge-tà, is a' choimhearsnachd a' strì gus teaglaichean òga is luchd-obrach deatamach a chumail.
"Leis an airgead seo faodaidh Urras Dualchais Eilein Eige ceum cudromach a ghabhail a dh'ionnsaigh taighean ùra a thogail is feum cho mòr orra", thuirt i.