
Chaidh Kenneth Gillon, 69, a ghairm marbh aig an làraich
Dh'ainmich na Poilis an duine a chaidh a mharbhadh ann an tubaist-rathaid air taobh siar Rois Diciadain seo chaidh.
Bha Kenneth Gillon, à Uachdar Àrdair ann an Siorrachd Pheairt, aois 69.
Thachair an tubaist air an A832 faisg air Dùn Dòmhnaill madainn Diciadain eadar dà char Kia.
Chàidh dràibhearan an dà char - boireannach aois 63 agus fear aois 77 - a ghoirteachadh san tubaist, cuide ri dithis eile a bha a' siubhal anns na càraichean, fear aois 72 agus boireannach aois 75.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An t-Sultain 2022
