
Cha robh seirbheis smàlaidh ri fhaotainn eadar Bhatarsaigh agus Beàrnaraigh Diluain no Dimàirt agus chan eil fhios cuin a thilleas seirbheis chunbhalach.
Chaidh sianar luchd-smàlaidh ùra fhastadh bho chionn ghoirid, ach cha bhi iad deiseil trèanadh a dhèanamh airson dà mhìos.
Tha grunn làithean bho thòisich an suidheachadh seo a' toirt buaidh air stèisean smàlaidh Loch Baghasdail.
Chan eil gu leòr smàladairean le teisteanas an sin airson seirbheis aig àm sam bith a lìbhrigeadh agus dh'fhaodadh sin leantainn greis fhathast.
Cha bhi treànadh an t-sianar luchd-smàlaidh ùra air a choileanadh chun na Samhna.
Tha sinn a' feitheamh ri freagairt mun chùis bho Sheirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba.