
B' e Derek MacAoidh Ministear na Còmhdhail nuair a fhuair Gàrradh MhicFhearghais an cùmhnant
Thèid seann Mhinistear na Còmhdhail Derek MacAoidh a cheasnachadh Diardaoin airson a' chiad uair mun chùmhnant chonnspaideach airson dà bhàt'-aiseag a thogail do ChalMac.
Tha na bàtaichean - an Glen Sannox agus an 802 nach d' fhuair ainm fhathast - gan togail le Gàrradh MhicFhearghais, agus iad co-dhiù còig bliadhna air dheireadh le cosgaisean air a dhol suas bho £97m gu £250m.
Chan eil Derek MacAoidh air a bhith aig Holyrood bho dh'fhàg e Riaghaltas na h-Alba dà bhliadhna air ais an dèidh dha teachdaireachdan mì-iomchaidh a chur gu balach aois 16 air na meadhanan sòisealta.
Thèid Mgr MacAoidh a cheasnachadh le Comataidh nan Cunntasan Poblach mun cho-dhùnadh cùmhnant nan aiseagan a thoirt seachad fhads a bha e na mhinistear - gun na riaghailtean àbhaisteach a thaobh tèarainteachd ionmhais a bhith an sàs.
Ann am fianais sgrìobhte ron seo, thuirt Mgr MacAoidh gun robh e a' tuigse gun deach ceistean a bh' ann a rèiteach.
Tha luchd-poileataigs bho phàrtaidhean eile ag ràdh gur e sgainneal a th' ann 's gu bheil tòrr cheistean ann fhathast.
Cuideachd Diardaoin, thig brath bhon Riaghaltas air na tha an dàn do sheirbheisean aiseig ann an Alba san àm ri teachd.