Soillearachadh mu mhaoineachadh Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Pàrlamaid na h-AlbaTùs an deilbh, PA Media

Chaidh Riaghaltas na h-Alba às àicheadh gu bheil iad air buidseat na Gàidhlig a ghearradh.

Bha aithrisean air nochdadh gum biodh gearradh de £1m ann am buidseat na Gàidhlig mar phàirt de shàbhalaidhean còrr is £500m a dh'fhoillsich an Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, aig Comataidh Ionmhais Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.

Ach thuirt an Riaghaltas nach eil gearradh ann a thaobh na Gàidhlig.

Tha iad ag ràdh gun deach £1m de thaic 'son na Gàidhlig a ghluasad bho bhuidseat stòrais na Gàidhlig gu buidseat calpa na Gàidhlig.