Cobhair aig muir faisg air Lios Mòr

  • Air fhoillseachadh
Bàta-teasairginn an ÒbainTùs an deilbh, RNLI Oban

Chaidh dithis a shàbhaladh bhon mhuir faisg air eilean Lios Mòr agus am bàt'-iasgaich aca air a dhol fodha.

Thuirt naMaoir-Chladaich gun robh iad air brath èiginn fhaighinn bho ràth-sàbhalaidh, timcheall air 03:00m Diardaoin.

Chaidh bàta-teasairginn an Òbain a dhèanamh cobhair orra agus thugadh iad dhan Òban.

Thuirt neach-labhairt bho na Maoir-Chladaich gun robh e fortannach gun robh a' mhuir ciùin agus gun robh iad faisg air tìr.

Chaidh a ràdh gu bheil an dithis ceart gu leòr, ged a chuir na thachair eagal orra.