A' Bhànrigh agus a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
Tha Iain MacIllEathain a' coimhead ri àite na Bànrigh ann am beatha na Gàidhealtachd, agus mar a bha ise a' faireachdainn mun Ghàidhealtachd.
Anns an aithris aige cluinnidh sinn na guthan aig a' Bhrigadier Iain MacPhàrlain, Dòmhnall Màrtainn a bha bliadhnaichean na Mhorair-ionaid a' Chrùin agus Sandra Mhoireach a dhealbhaich gùn na Bànrigh airson fosgladh na Pàrlamaid Albannaich.