
Bha gràdh mòr aig a' Bhanrigh dhan dachaigh Albannaich aice, Caisteal Bhaile Mhorail, ann am Bràigh Mhàrr.
'S ann ann a chuir i seachad a' mhòr-chuid de na samhraidhean aice, mar a bu thrice còmhla ris an duine aice, Philip, agus an teaghlach.
Suidhichte ann an 50,000 àcair de Ghleann Dè ann an Siorrachd Obar Dheathain, bha Baile Mhorail na phàirt de a beatha bho thùs, 's i air tadhal air a seann-phàrantan, an Rìgh Seòras V agus a' Bhànrigh Màiri, ann 's i na nighinn bhig.
B' ann ann cuideachd a chuir i seachad cuid mhath den Dàrna Cogadh.
Mu dheireadh, 's ann ann a chuir i seachad na làithean mu dheireadh de a beatha.

A' Bhanrigh Ealasaid II, am Prionnsa Philip, am Prionnsa Teàrlach (deas), a' Bhana-Phrionnsa Anna (clì), agus am Prionnsa Anndra ann an gàrradh Bhaile Mhorail ann an 1960
Bhiodh i a' cumail mòran phàrtaidhean gàrraidh ann, agus bha e a' còrdadh rithe a bhith a' coimhead Gheamannan Gàidhealach Bhràigh Mhàrr còmhla ri buill den Teaghlach Rìoghail as t-samhradh.
'S ann aig Baile Mhorail a chur i seachad cuid mhath de na bliadhnaichean mu dheireadh aig a' Phrionnsa Philip - dh'fhuirich iad ann tron ghlasadh, 's bha iad ann a' comharrachadh 73 bliadhna pòsta san t-Samhain 2020.
Tha ceangal air a bhith aig an oighreachd Ghàidhealaich ris an Teaghlach Rìoghail bho 1852, nuair a cheannaicheadh an oigheachd agus an caisteal a bh' ann roimhe bho Chlann MhicFhearchair leis a' Phrionnsa Albert, an duine aig a' Bhanrigh Bhictoria. Fhuair iad ge-tà, nach robh an taigh mòr gu leòr, agus thog iad Caisteal Bhaile Mhorail mar as aithne dhuinn an-diugh e.

'S ann leis an Teaghlach Rìoghail a tha an caisteal air a bhith bho 1852
'S e eisimpleir a th' anns a' chaisteal fhèin de dh'ailltireachd bharanaich Albannaich, agus e air a chlàradh le Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba mar thogalach chlàraichte aig ìre A. Chaidh crìoch a chur air a' chaisteal ùr ann an 1856, 's chaidh an seann chaisteal a leagail goirid an dèidh sin.
'S ann fo shealbh prìobhaideach a' Mhonairc a tha an caisteal, 's chan eil e na phàirt de dh'Oighreachd a' Chrùin.
'S e oighreachd obrach a th' ann, a' toirt a-steach mhonaidhean circe-fraoiche, coilltearachd agus talamh-àitich, a thuilleadh air treudan fhiadh, crodh Gàidhealach agus pònaidhean.
'S ann aig Baile Mhorail a bha an Teaghlach Rìoghail nuair a bhàsaich a' Bhana-Phrionnsa Diana air an 31mh là den Lùnastal 1997.

An dèidh dhaibh a dhol gu seirbheis eaglaise phrìobhaidich aig Eaglais Chraichidh, stad a' Bhanrigh agus an Teaghlach Rìoghail a shealltainn ri flùraichean agus teachdaireachdan a dh'fhàg am poball aig geataichean na h-oighreachd
Air madainn na Sàbaid an dèidh bàs Diana, chaidh a' Bhanrigh agus na Prionnsaichean Teàrlach, Uilleam agus Harry dhan eaglais aig Crathaidh, faisg air làimh.
Sheall iad ri flùraichean agus teachdaireachdan a bha am poball air fàgail aig geataichean Bhaile Mhorail air an rathad dhachaigh.
Seo barrachd dhealbhan den Bhanrigh agus a teaghlach aig Baile Mhorail thar nam bliadhnaichean:

A' Bhana-Phrionnsa Ealasaid le a seann-phàrantan an Rìgh Seòras V agus a' Bhanrigh Màiri a' tilleadh a Bhaile Mhorail an dèidh seirbheis eaglaise ann an Craichidh san t-Sultain 1932

An Teaghlach Rìoghail aig Baile Mhorail ann an 1951, tha a' Bhana-Phrionnsa Ealasaid còmhla ri a cuid chloinne, am Prionnsa Teàrlach (clì) agus a' Bhana-Phrionnsa Anna

A' Bhanrigh Ealasaid II le a cuid chloinne Teàrlach (deas) agus Anna aig Baile Mhorail ann an 1952

A' Bhanrigh a' cluich còmhla ris a' Phrionnsa Teàrlach agus a' Bhana-Phrionnsa Anna aig uinneagan a' chaisteil ann an 1952

A' Bhanrigh a' coimhead a mic, am Prionnsa Teàrlach, a' dràibheadh dèideag chàir aig Baile Mhorail

An Ceann-Suidhe Eisenhower còmhla ris a' Bhanrigh agus am Prionnsa Philip aig Baile Mhorail san t-Sultain 1959

A' Bhanrigh Ealasaid agus am Prionnsa Philip ann am pàirce le crodh Gàidhealach agi Baile Mhorail ann an 1972

A' Bhanrigh na suidhe aig an deasca aige aice Baile Mhorail ann an 1972

A' Bhanrigh agus am Prionnsa Philip aig Baile Mhorail ann an 1976

A' Bhanrigh Ealasaid, Diùc Dhùn Èideann, agus an triùir mhac Eideard, Teàrlach agus Anndra aig Baile Mhorail a' comharrachadh 32 bliadhna pòsta, 20mh den t-Samhain 1979

A' Bhanrigh agus am Prionnsa Philip air saor-làithean aig Baile Mhorail ann an 2005

A' Bhanrigh agus buill den Teaghlach Rìoghail a' gàireachdainn 's iad a' coimhead Gheamannan Gàidhealach Bhràigh Mhàrr ann an 2006

A' Bhanrigh aig pàrtaidh gàrraidh aig Baile Mhorail ann an 2012

A' Bhanrigh a' cur a h-ainm ri teachdaireachd aig Baile Mhorail a chaidh a ghiùlain am broinn bhata Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu 2014

A' Bhanrigh a' ruighinn Eaglais Chraichidh còmhla ri Diùc agus Bàn-Diùc Chambridge san Lùnastal 2019

A' Bhanrigh a' sgrùdadh Companaidh Bhalaklava, 5mh Bratàillean Rèiseamaid Rìoghail na h-Alba aig geataichean Bhaile Mhorail 's i ga ruighinn airson an t-samhraidh san Lùnastal 2021

Clann à Bun-Sgoil Chraichidh a' toirt seachad càirt don Bhanrigh aig pàillean criogaid Oighreachd Bhaile Mhorail san Damhair 2021

A' Bhanrigh a' coinneachadh a' Phrìomhaire ùir Liz Truss san t-seòmar suidhe aig Baile Mhorail Dimàirt