Na mìltean air gabhail seachad air ciste na Bànrigh

  • Air fhoillseachadh
Faire nam Prionnsaichean

Bha na mìltean mòra dhaoine a' feitheamh tron oidhche air sràidean Dhùn Èideann airson gabhail seachad air ciste na Bànrigh aig Cathair-Eaglais an Naomh Giles.

Bidh a' chiste na laighe gu poblach sa Chathair-Eaglais gu 3:00f Dimàirt, nuair a dh'fhalbhas i a Lunnainn.

Sheas an Rìgh Teàrlach, còmhla ri a dhithis bhràithrean Eideard agus Anndra, agus a phiuthair Anna, faire air a' chiste an-raoir.

Mar dhòigh air an sluagh a riaghladh, tha bannan làimhe gan toirt seachad, agus chan fhaighear a-steach dhan Chathair-Eaglais às aonais.

Gheibhear a-steach gun a bhith a' dìreadh staidhre sam bith ma tha feum air.

Tha an loidhne a' tòiseachadh aig Pàirce nan Lèanagan, agus aon uair 's gum faighear bann-làimhe tha 1.5 mìle a bharrachd ri dhol mus ruigear an teanta tèarainteachd aig a' Chathair-Eaglais.

Tha taighean-beaga air an suidheachadh ri taobh na slighe, agus gheibhear air an loidhne fhàgail 's tilleadh airson an cleachdadh.

Chan eileas a' gealltainn gum faighear a-steach ge-tà, agus sin a' crochadh air na th' ann de dh'iarrtas.

Faodar flùraichean a chur sìos aig Ceum Meadhanach nan Lèanagan, agus aig Lùchairt Thaigh an Ròid, ach chan fhaodar aig a' Chathair-Eaglais.