Naidheachdan 11:00m

A' Bhànrigh

Tha na mìltean dhaoine fhathast a' tadhal air Cathair-Eaglais an Naomh Giles ann an Dùn Èideann 'son ciste na Bànrigh fhaicinn mus tèid a giùlain deas air plèana gu ruige Lunnainn an-diugh fhathast. Chaidh iarraidh air daoine a th' airson a' chiste fhaicinn cabhag a dhèanamh oir tha a' chiste ga toirt gu deas a-niste aig 3:00f seach 5:00f mar a bha dùil an toiseach. Bidh ciste na Bànrigh ann an Lùchairt Bhuckingham a-nochd, mus tèid a gluasad a-màireach gu Talla Westminster far am bi i a' laighe ann an stàit fad ceithir làithean ron tiodhlacadh Diluain.

An Rìgh

Bidh an Rìgh Teàrlach agus a' Bhànrigh Chèile ann an Èirinn a Tuath an-diugh agus iad a' tadhal air gach dùthaich san Rìoghachd Aonaichte. Coinnichidh iad ris na ceannardan poilitigeach aig Caisteal Hillsborough, agus gheibh iad teachdaireachd co-fhaireachdainn bho Labhraiche an t-Seanaidh ann an Stormont.

Am measg nan naidheachdan eile...

Margaret Ferrier

Chaidh binn 270 uair de thìde de dh'obair choimhearsnachd gun phàigheadh air a' Bhall-Phàrlamaid Margaret Ferrier, a shiubhail air trèana eadar Alba is Lunnainn 's amharas oirre gum faodadh Covid a bhith oirre. Thig oirre an obair sin a dhèanamh taobh a-staigh naoi mìosan. Dh'aidich Ms Ferrier, ball sgìre an Ruadh-Ghlinn agus Hamaltan an Iar, a ciont aig èisteachd cùirte air a' mhìos a chaidh. Shiubhail i a Lunnainn agus air ais a dh'Alba air trèana anns an t-Sultain ann an 2020 fhad 's a bha i a' feitheamh buil deuchainn Chovid. Chaidh cuip an SNP a thoirt bhuaipe nuair a nochd na casaidean ann an 2020.

Cion-cosnaidh

Thuit ìre chion-cosnaidh na h-Alba gu 3.1% anns na trì mìosan dhan Iuchar. Sin an ìre as lugha bho thòisich clàran, a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Bha ìre na Rìoghachd Aonaichte sìos gu 3.6%, an ìre as lugha bho 1974. Ach tha tuarastal san fharsainneachd fhathast a' tuiteam air dheireadh air cosgaisean bith-beò a tha a' sìor èirigh.

An Ucràin

Thuirt an Ceann-Suidhe Zelensky gun do ghabh feachdan na h-Ucràin smachd air ais air tuilleadh fearainn bho na Ruiseanaich. A rèir a' Chinn-Suidhe tha feachdan na h-Ucràin air còrr is 2,300 mìle cheàrnagach fhaighinn air ais air a' mhìos seo air taobh sear agus an ceann a deas na dùthcha.