
Tha Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) air innse gu bheil iad an dùil an tuilleadh lùghdachaidh a thoirt air na planaichean connspaideach aca a thaobh seirbheisean iùil.
Bha HIAL mar-thà air planaichean gus seirbheisean iùil aig cuid de phuirt-adhair a thoirt còmhla aig ionad ùr ann an Inbhir Nis a chur an dàrna taobh.
Dh'adhbharaich na planaichean sin mì-thoileachas mòr agus chaidh luchd-obrach air stailc.
Bha HIAL ag obair air planaichean eile a thaobh sheirbheisean iùil, ach tha iad ag ràdh a-nise gu bheil suidheachadh ionmhais Riaghaltas na h-Alba a' ciallachadh gu bheil beàrn mhòr eadar planaichean na companaidh agus am maoineachadh a tha ri fhaighinn.
Thuirt iad gum feum iad na planaichean aca a lùghdachadh is gu bheil iad ann an còmhraidhean le Còmhdhail Alba.