Piseach air foghlam bun-sgoile air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Foghlam

Sheall figearan ùra gun tàinig piseach air foghlam ann am bun-sgoiltean na Gàidhealtachd, ged a tha e fhathast air dheireadh air an ìre-nàiseanta.

A rèir nam figearan bho Chomhairle na Gàidhealtachd, a tha stèidhichte air fiosrachadh a fhuaireadh bho sgoiltean san Ògmhios 2022, bha ìrean leughaidh is sgrìobhaidh ann an Clas a h-Aon suas 12% ann an 2022 an taca ri 2021.

Tha 73% de sgoilearan ann an Clas h-Aon a-nise aig an ìre ris a bheil dùil ann an leughadh, is 69% ann am matamataig.

Bha ìrean suas 10% is 11% anns gach measadh ann an Clas a Seachd, agus bha ìrean suas anns na fharsaingeachd aig ìre bun-sgoile.

Ged a tha na figearan fhathast air dheireadh air an ìre nàiseanta, thuirt ceannardan foghlaim na comhairle gu bheil iad ag amas air a' bheàrn sin a dhùnadh sa bhliadhna ri thighinn, is a bhith air thoiseach air na figearan nàiseanta ann an 2024.

Modail eadar-dhealaichte

Aig ìre àrd-sgoile, tha am fiosrachadh tràth ag innse gun robh toraidhean nan deuchainnean aig tuath coltach ri pàtaran a bh' ann air feadh na dùthcha.

Bha iad anns an fharsaingeachd nas fheàrr na 2019 nuair a rinn sgoilearan deuchainnean foirmeil mu dheireadh, ach sìos beagan air na figearan ann an 2021 nuair a chaidh modail eadar-dhealaichte a chleachladh ri linn staing Chovid-19.

Thèid na figearan air beulaibh chomhairlichean aig deireadh na mìos, taobh a-muigh.

Beachdaichidh iad air an t-suidheachadh a-rithist tràth an ath-bhliadhna nuair a bhios barrachd fiosrachaidh air tighinn bho na sgoiltean, is figearean nàiseanta cuideachd air am foillseachadh.