A' Bhanrigh agus an t-Eilean Sgitheanach

Bha a' Bhanrigh uabhasach measail air eileanan na h-Alba is i tric a' tadhal orra.

Thòisich seo tràth às dèidh a crùnadh. Ann an 1956 chaidh i fhèin 's am Prionnsa Philip air turas tron Eilean Sgitheanach, am measg àitichean eile.

Chuala Alasdair MacLeòid bho dhithis san Eilean aig a bheil ùidh shònraichte anns a' mhonarcachd.

An turas mu dheireadh a chuala am BBC bho Jonathan òg à Cille Mhoire, bha e air bhoil, a' dèanamh deiseil airson pàrtaidh a bha gu bhith aige a' comharrachadh Iùbailidh na Banrigh aig toiseach an t-samhraidh.

Ach cluinnidh sinn an-toiseach bho Mhàiri Anna NicPhàrlain, aig a bheil deagh chuimhne air a' chiad turas sin ann an 1956.