Faire ann an Àrd-Eaglais an Naomh Giles
Mar phàirt den fhaire air ciste na Banrigh a bh' ann an Àrd-Eaglais an Naomh Giles an t-seachdain seo chaidh, bha seaplainean na Banrigh a' gabhail pàirt tron oidhche - duine mu seach aca.
Bha am Fìor Urr. Aonghas Moireasdan nam measg. Bha an fhaire aigesan eadar meadhan-oidhche agus 04.00 sa mhadainn.
Fhuair Aonghas Dòmhnallach facal air mus deach e ann mun sin agus mun t-seirbheis a bh' anns an eaglais ro làimh, agus seirbheis eile ann an Eaglais Chraichidh nas tràithe air an t-seachdain.