
Chaidh a' Bhanrigh nach maireann a thiodhlacadh às dèidh seirbheis prìobhaidich ann an Seipeal Cuimhneachaidh an Rìgh Sheòrais VI oidhche Luain.
Nas tràithe air an là bha prìomhairean Bhreatainn a thug seachad seirbheis dhan Bhanrigh, còmhla ri ceannardan eile bho air feadh an t-saoghail, am measg na bha an làthair aig seirbheis an tiodhlacaidh ann an Abaid Westminster.

An Rìgh Teàrlach is buill eile den Teaghlach Rìoghail a' coiseachd air cùl ciste na Banrigh.
Phòs a' Bhanrigh ann an Abaid Westminster ann an 1947 agus chaidh a crùnadh san abaid ann an 1953.
'S e Dàibhidh Hoyle, Deadhan Abaid Westminster, a bha os cionn seirbheis an tiodhlacaidh, is 's e Àrd-Easbaig Chanterbury, Justin Welby, a thug seachad an searmon.

Buill den Teaghlach Rìoghail aig an t-seirbheis ann an Abaid Westminster.
Thuirt an Àrd-easbaig gun tug a' Bhanrigh buaidh air beatha iomadh duine.
Faisg air deireadh na seirbheis chaidh The Last Post a chluich air dùdan.

A' chiste ga gluasad gu Carbad-tiodhlacaidh na Stàite.
Bha dà mhionaid de shàmhchair ann gu nàiseanta aig 11:55, is an t-seirbheis air tighinn gu crìoch leis an laoidh nàiseanta agus cumha bho phìobaire na Banrigh.
Chaidh ciste na Banrigh an uairsin a thoirt gu Wellington Arch is an Rìgh is buill eile den Teaghlach Rìoghail a' coiseachd air a cùlaibh.

Chruinnich na mìltean airson urram a shealltainn dhan Bhanrigh.
Às dèidh Wellington Arch a' ruighinn, chaidh a' chiste a ghluasad gu Carbad-tiodhlacaidh na Stàite airson na slighe gu Caisteal Windsor is na mìltean a' seasamh ri taobh an rathaid.
Bha na mìltean eile a' feitheamh aig Windsor nuair a chaidh a' Bhanrigh suas an Long Walk airson an turas mu dheireadh.
Bha seirbheis thiomnaidh ann an Seipeal an Naomh Sheòrais nuair a ràinig a' chiste an caisteal.

Ciste na Banrigh a' tighinn gu Caisteal Windor.
Chruinnich an Teaghlach Rìoghail às dèidh sin aig seirbheis phrìobhaidich, mus deach a' Bhanrigh a thiodhlacadh ann an Seapail Cuimhneachaidh Rìgh Sheòrais V.
Nas tràithe, bha an Rìgh Teàrlach air taing a thoirt dhan t-sluagh airson gach taic anns na làithean mu dheireadh, is e ag ràdh gur e cofhurtachd mhòr a bha seo dha fhèin agus dhan Teaghlach Rìoghail gu lèir.

Seapail Naomh Sheòrais.