
Tha luchd-obrach slàinte an Alba air stiùireadh às ùr fhaighinn a togail air a' cheangal eadar deoch-làidir is aillse.
Air fhoillseachadh le Buidheann-gnìomha Slàinte Alba air Duilgheadasan Dheoch-làidir (SHAAP) tha a bhith ag òl deoch-làidir a' tighinn suas na chunnart airson grunn dhiofar sheòrsaichean aillse.
Tha an stiùireadh a' moladh gun gabhadh an cunnart bho aillse a bhith air a lùghdachadh le bhith a' toirt taic do dh'euslaintich nas lugha deoch-làidir a ghabhail.
A-rèir cathraiche na buidhne-gnìomha, an Dtr Alasdair MacGilleChrìosta, 's e an cron ag èirigh bho bhith ag òl cus, aon de na trioblaidean as motha a thaobh slàinte muinntir na h-Alba.
Ann an 2015 bha deòch-làidir air a choireachadh ann am bàs 6.5% de dh'Albannaich agus ann an 28% dhiubh sin 's e aillse a thug am bàs dhaibh.
Figearan
Seo an turas mu dheireadh a chaidh coimhead air na figearan sin.
Tha an stiùireadh cuideachd a' sealltainn gu bheil fireannaich a dhà uiread nas buailtiche na boireannaich ri bhith ag òl nas motha na an 14 aonad is còir de dheoch-làidir san t-seachdain.
Ann an 2019 bha na h-ìrean as àirde de bhith ri òl deoch-làidir air fhaicinn anns na sgìrean as fheàrr dheth an Alba (30%) agus a b' ìsle anns na sgìrean as bochda (17%).
Ach dhan fheadhainn a dh'fhulaing bàs bho bhith ag òl cus no a chaidh a thoirt dhan ospadal le trioblaidean dighe, bha na àireamhan as motha air fhaicinn ann an sgìrean bochda.
Cunnartan
A-rèir an stiùiridh mu dheoch-làidir a thàinig bho Àrd Oifigear Slàinte na Rìoghachd Aonaichte ann an 2016, a' beachdachadh air na cunnartan a thaobh aillse cha robh a bhith ag òl suim sam bith sàbhailte.
Thuirt an stiùireadh seo gun robh na cunnartan co-cheangailte ri aillse a' tòiseachadh le ìre sam bith de dh'òl dheoch-làidir agus ag èirigh mar as motha a bhathar ag òl.
"Tha fianais shoilleir ann gu bheilear nas buailtiche a bhith ann an cunnart fulaing le aillse ma thathar ag òl deoch-làidir," thuirt an Dtr MacGilleChrìosta.
"Tha sinn an-dòchas gun cuidich am fiosrachadh seo ann a bhith ag ionnsachadh do luchd-obrach slàinte agus gun toir e taic dhaibhsan a tha a' fulaing le trioblaidean na dighe," thuirt e.