
Chaidh Renee NicRath agus a mac Anndra a dhìth san t-Samhain 1976
Chaidh fireannach le "wide and staring eyes" a bha a' putadh carbaid-leinibh fhaicinn air an oidhche a chaidh màthair agus a mac a dhìth bho chionn 46 bliadhna, tha cùirt air cluinntinn.
Tha Uilleam MacDhùghaill a' dol às àicheadh gun do mhuirt e Renee NicRath, 36, agus am mac aca, Anndra, 3, air a' Ghàidhealtachd.
Chuala a' chùis-lagha na aghaidh cunntas a thug Sìne Uallas, nach maireann, do na Poilis; bha ise air a bhith ann an càr air an A9 deas air Inbhir Nis.
Thuirt i gun do chuir sealladh an duine air oir an rathaid eagal oirre.
Tha Mgr MacDhùghaill, 80, à Penrith ann an Cumbria, fo chasaid gun do mhuirt e a' Bh-Ph NicRath agus am mac aca an cois an A9 aig Dail Mac Gearraidh, deas air Inbhir Nis, neo ann an àite eile air an 12mh den t-Samhain 1976.
Thathar cuideachd a' cur às a leth gun d' fhuair e cuidhteas na cuirp aca agus gun do chuir e càr BMW na theine.
Tha Mgr MacDhùghaill a' dol às àicheadh nan casaidean uile agus tha an luchd-lagha aige air dìon sònraichte a chur air adhart - gur e cuideigin eile a bu choireach ris an eucoir agus gu bheil alibi aige.

Chaidh Renee NicRath agus a mac Anndra a dhìth san t-Samhain 1976
Chuala a' chùirt mu agallamh poilis a rinn Sìne Uallas, a bha a' dràibheadh air an A9 air an 12mh den t-Samhain 1976, an oidhche a chaidh Renee agus Anndra MacRath a dhìth.
Chaidh cunntas na Mn-P. Uallais a leughadh a-mach san Àrd-Chùirt ann an Inbhir Nis leis an Àrd-Det. Insp. Brian Geddes, a bha os cionn ath-sgrùdaidh air a' chùis a thòisich ann an 2018.
Chuala a' chùirt gun do dh'innis a' Bh-Ph. Uallas do na Poilis gun do dh'fhairich i fàileadh rubair air a losgadh faisg air camas-stad aig Dail Mac Gearraidh.
Thuirt a' Bh-Ph. Uallas gum faca i fireannach na aonar le carbad-leinibh.
Ann an agallamh polis ann an 1977, thuirt i gum faca i fireannach agus "gun robh a shùilean làn-fhosgailte, 's e am breislich, 's shaoil mi an uairsin nach robh siud nàdarra, 's gur e an t-eagal no maoim a bh' air a chùlaibh."
Chuala an diùraidh cuideachd gun do dh'innis i do na Poilis gun robh an duine agus làmh aige air a' charbad-leinibh agus grèim aige air an stuth a bha air a mhuin.
Thuirt i cuideachd gun robh i a' smaoineachadh gun robh rudeigin a bha donn sa chùis.

Bha Anndra MacRath trì bliadhna de dh'aois nuair a chaidh e a dhìth
Chuala an diùraidh gun deach Mgr MacDhùghaill a cheasnachadh leis na Poilis grunn thursan agus gun robh dà thuras ann nuair a bha e "iomagaineach, dubhach agus sgìth", am beachd an Àrd-Det. Insp. Dòmhnall MacArtair.
Ann an cunntas sgrìobhte a rinn Mgr MacArtair, nach maireann, a chaidh a leughadh a-mach dhan chùirt chuimhnich e gun robh Mgr MacDhùghaill aon turas a' dìobhairt - ach gun deach e às àicheadh uair agus uair gun robh gnothach aige le mar a chaidh a' Bh-Ph. NicRath agus am mac òg aca a dhìth.
Chuala a' chùirt na dh'innis Mgr MacDhùghail dha na Poilis ann an sreath agallamhan thairis air seachdain.
Sa mhadainn air an 15mh den t-Sultain 1976 chaidh Mgr MacDhùghail às àicheadh gun robh càirdeas aige leis a' Bh-Ph. NicRath.
Feasgar den aon là, chaidh a cheasnachadh a-rithist agus dh'aidich e gun robh càirdeas eatorra.
Thuirt e cuideachd nach robh e ach ri fealla-dhà nuair a bhruidhinn e fhèin agus a' Bh-Ph. NicRath mu bhith a' gluasad a Shealtainn.
Cheasnaich na Poilis e mu bhith a' dol airson deireadh-seachdain air falbh còmhla ris a' Bh-Ph. NicRath mun àm a chaidh i a dhìth, chuala a' chùirt.
Thuirt Mgr MacDhùghaill gun do dh'innis e dhi gun rachadh e ga h-iarraidh faisg air a dachaigh, ach nach do thachair seo air sgàth a chuid obrach agus cha deach e ann mar a bha iad air a chur air dòigh.
Am measg na fianais a chuala a' chùirt Diardaoin 's e gun deach làrach fala mu mheud bonn leth-chrùin a lorg ann an ciste-chùil a' BhMW aig a' Bh-Ph NicRath.
Tha Mgr MacDhùghaill a' dol às àicheadh nan casaidean a tha na aghaidh, nam measg gun d' fhuair e cuidhteas cuirp Renee agus Anndra, gnothaichean a bhuineadh dhaibh agus carbad-leinibh, agus gun do chuir e teine ri càr BMW agus gun d' fhuair e cuidhteas doras ciste-chùil charbaid Volvo.
Tha an luchd-lagha aige a' cumail a-mach gur e Gòrdan MacRath, an duine aig a' Bh-Ph NicRath bho bha i air dealachadh, a bu choireach ris na h-eucoirean còmhla ri daoine eile neo-aithnichte.
Tha a' chùis air beulaibh a' Mhorair Armstrong a' leantainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Sultain 2022
