
Tha planaichean aig a' chompanaidh chumhachd SSEN sreath de chrainn-dealain ùra a thogail eadar a' Mhanachainn agus Ceann Phàdraig.
Bheir an loidhne seo dealan leis bho sgeamaichean ath-nuadhachail a tha ann mar-thà agus feadhainn a tha san amharc - aig muir agus air tìr - bho na h-Eileanan an Iar, Gallaibh agus Moireibh.
Tha iad riatanach, a rèir SSEN, airson targaidean uaine a ruighinn.
Tha SSEN ag ràdh gu bheil £7bn a dhìth air bun-structair siostaim an dealain ann an ceann a tuath na h-Alba airson coinneachadh ris na targaidean seo ro 2030.
Coinneamhan Poblach
Tha am pròiseact aig ìre thràth agus tha a' chompanaidh gu bhith a' cumail sreath choinneamhan poblach air slighe nan crann a' sireadh bheachdan air an cuid phlanaichean.
Bidh a' chiad chuairt den chonaltradh a' tighinn gu ceann sa Mhanachainn air a' 5mh là den Dàmhair ach tha dùil gum bi coinneamhan poblach eile ann.
Ma gheibh iad cead tha iad an dòchas gun tòisich an obair ann an 2026 agus gum bi e deiseil ro dheireadh 2030.