Caisteal Ruaidh air fosgladh dhan phoball

  • Air fhoillseachadh
Caisteal RuaidhTùs an deilbh, DOUGLAS MACDONALD

Chaidh aon de na dùin as sine ann an Alba fhosgladh dhan phoball as dèidh cha mhòr 30 bliadhna de dh'obair-leasachaidh.

Chaidh Caisteal Ruaidh, faisg air Obar Neithich, a thogail le Clann Chuimein san 12mh Linn.

Tha an caisteal air muin chnuic a tha a' toirt seallaidhean farsaing thairis air sgìre Srath Spè agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh.

Bha e le diofar chinnidhean thairis air na linntean, na Frisealaich nam measg.

Fhuair Urras Chaisteil Ruaidh maoineachadh bho dhiofar bhuidhnean, nam measg Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, Urras a' Mhonaidh Ruaidh, agus Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, airson an obair-leasachaidh a ghabhail os làimh.

Gheibh daoine a-steach dhan làraich an-asgaidh agus tha i air a thabhann air mhàl airson thachartasan.