
Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu fhear aois 59 a tha dhìth san Eilean Sgitheanach.
Chaidh Harry Dòmhnallach fhaicinn mu dheireadh ann am Port Rìgh mu 10m Diciadain an 21mh den t-Sultain.
Tha e 6tr 2òir a dh'àirde, le gruag ghlas, gheal is e a' fàs maol, agus mallaidhean dorcha.
Chaidh fhaicinn mu dheireadh le geansaidh gorm, dìnichean liatha, bòtannan coiseachd dubha agus uaireadair dearg.
Ma tha sibh air Harry fhaicinn no ma tha fiosrachadh sam bith agaibh mu far a bheil e, cuiribh fòn gu Poileas Alba air 101 a' toirt seachad na h-àireamh 2186 airson Diciadain 21mh den t-Sultain, 2022.