Dàil eile air bàta-aiseig ùr ChalMac

  • Air fhoillseachadh
Gàrradh MhicFhearghaisTùs an deilbh, Getty Images

Tha briseadh-dùil eile ann do mhuinntir nan Eilean agus dàil a bharrachd air tighinn air te de na bàtaichean-aiseig ùra a tha gan togail air Chluaidh do Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Dh'innis Gàrradh MhicFhearghais nach bi an soitheach 802 a-nis deiseil gu Earrach 2024. Sin am bàta a bhios a' dol eadar Ùige, Loch nam Madadh is an Tairbeart.

Bha dùil gum biodh i deiseil ro dheireadh 2023.

Bidh an dà shoitheach, 802 agus an Glen Sannox, còrr air £150 millean thairis air buidseat agus còig bliadhna air dheireadh.

Tha a naidheachd seo a' tighinn là às dèidh dhan a phrògram Disclosure aig BBC Scotland sealltainn gun d'fhuair Garradh Mhic Fhearghais barrachd fiosrachaidh mu fheumalachdan teicnigeach nan soithichean na fhuair companaidhean eile.

Slige 802Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Obair a' dol air slige 802

Trioblaid

Dh'aidich ball-pàrlamaid nan Eilean Siar aig Holyrood, Alasdair Allan, gur e buille eile a tha seo.

"An trioblaid a th'ann mar a tha fhios aig a h-uile duine gum bi buaidh air na planaichean a th'ann airson seirbheisean gu Uibhist a' Tuath agus dha na Hearadh," thuirt Mgr Allan.

"An rud as cudromaiche a th'ann 's e gum bi an gàrradh a cuir crioch air an obair ach chan eil mi toillichte agus tha mi smaointinn gum bi a h-uile duine den aon seòrsa beachd.

"Thuirt an riaghaltas ann am prògram a BhBC nach robh iad a seachnadh am pàirt a bh'aca anns a ghnothaich ach tha iomadach duine eile an-sàs leis cuideachd agus tha mi smaointinn gu bheil e cudromach a-nis gu bheil sinn a' faighinn a-mach dè thachair eadar CMAL agus Fergusons agus a bheil ceistean ann.

"Tha mise ag iarraidh freagartan agus thuirt mi sin anns a' phàrlamaid.

"A rèir choltais agus a' coimhead air a phrògram aig a BhBC tha earbsa nas làidire ann a-nis mu staid an dà eathar a th'ann agus an t-adhartas a th'ann leothasan," thuirt e.