Naidheachdan 11:00m
An Eaconomaidh
Thuirt am Prìomhaire, Liz Truss, gu bheil am plana eaconomach ceart aig an Riaghaltas a dh'aindeoin na troimhe-chèile sna margaidhean an dèidh meanbh-bhuidseit na seachdain seo chaidh. Bha Ms Truss a' bruidhinn gu poblach air a' chùis airson a' chiad uair. Thuirt i, ann an sreath agallamhan do rèidio ionadail ann an Sasainn, gun dèan i co-dhùnaidhean doirbh agus connspaideach gu maith na h-eaconomaidh. Chàin seann riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, an Riaghaltas airson gearradh chìsean ainmeachadh gun tomhas air buaidh sin. Thuirt e nach tug iad feart air buidhnean ionmhais na dùthcha, agus gu bheil am plana a' dol an aghaidh oidhirpean Bhanca Shasainn air smachd a chur air an atmhorachd.
Pàigheadh Luchd-obrach nan Comhairlean
Ghabh Unison, aonadh luchd-obrach nan ùghdarrasan ionadail, ri tairgse pàighidh nas fheàrr. Thàinig tairgse ùr an dèidh stailc luchd-obrach an sgudail. Gheibh an luchd-obrach gu lèir, air a' char as lugha, £1,900 a bharrachd anns a' bhliadhna. Ghabh an GMB ris an tairgse ron seo, agus tha dùil a dh'aithghearr ri buil baileat an aonaidh Unite.
Renee NicRath
Thòisich an diùraidh san Àrd-Chùirt ann an Inbhir Nis a' breithneachadh ann an cùis mhuirt Renee NicRath agus a mac Anndra. Tha Uilleam MacDhùghaill, a tha 80 bliadhna de dh'aois, a' dol às àicheadh gun do mhuirt e iad faisg air Inbhir Nis san t-Samhain 1976, agus gun d' fhuair e cuidhteas na cuirp agus fianais eile.
Florida
Dh'fhàg hurricane mhòr còrr is dà mhillean dachaigh agus gnothachas gun dealan ann am Florida. Rinn tuiltean milleadh cuideachd air mòran de sgìrean na stàite a tha ris a' chladach.
NordStream
Thuirt an t-Suain gun d' fhuair iad an ceathramh aodion sna pìoban a tha a' toirt gas às an Ruis. Tha an t-Aonadh Eòrpach an amharas gur ann a dh'aona-ghnothaich a chaidh na pìoban a mhilleadh. Tha an Ruis a' dol às àicheadh gun robh gnothach acasan ri sin.
Comhairle nan Eilean Siar
Thuirt Coimisean nan Cunntasan gum feum buill aig Comhairle nan Eilean Siar stiùir is ceannas ceart airson dèiligeadh ri dùbhlain a tha romhpa eadar seirbheisean a thoirt seachad mu choinneimh dìth airgid, agus an luchd-obrach. Ged a tha an aithisg a' moladh na rinn a' Chomhairle, a thaobh foghlaim agus na h-eaconomaidh, tha dragh aig a' Choimisean nach do chùmhn atharrachadh ann an structar nan seirbheisean uimhir de dh'airgead 's a bha dùil.
Gàrradh MhicFhearghais
Tha maill eile ann an togail a' bhàt-aiseig ùir airson na seirbheis eadar Ùige, an Tairbeart 's Loch nam Madadh, ris nach eil dùil a-niste gu Earrach 2024. Thuirt Gàrradh MhicFhearghais gur e as coireach gum feum iad làn-aire a chur ri dèanamh cinnteach gum bi an soitheach eile, an Glen Sannox, deiseil airson seirbheis anns a' Chèitean an ath-bhliadhna.
Earra-Ghàidheal
Tha aithisg do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag ràdh gu bheil 70% de dhachannan na sgìre an cunnart bochdainn connaidh. Tha an aithisg ag ràdh nach cuidich an cuibhreachadh £2,500 air cunntasan connaidh muinntir na sgìre sin seach gun cosg e a dhà uimhir sin sa bhitheantas dealan is teas a chumail ri dachannan san sgìre.