Fear ciontach de mhurt Renee NicRath

Chaidh fear a dhìteadh airson murt Renee NicRath agus am mac bho chionn faisg air leth cheud bliadhna.

Cho-dhùn diuraidh san Àrd Chùirt ann an Inbhir Nis gun do mharbh Uilleam MacDhùghaill, 80, Renee agus Anndra, a bha tri bliadhna a dh'aois, ann an 1976.

Chaidh binn bheatha sa phrìosan a chuir air MacDhùghaill, agus am britheamh ag innse dha gum bi 30 bliadhna ann mus faigh e cothrom air parole.

Tha Pàdraig MacAmhlaigh ag aithris.