
Alasdair MacUilleim le theaghlach
Fhuair am BBC a-mach gu bheil na poilis air fireannach a chomharrachadh ann an cùis Alasdair MhicUilleim nach robh ceangailte ris ron seo.
Chaidh Mgr MacUilleim a mhurt air stairsich a dhachaigh ann an Inbhir Narann ann an 2004.
Tha na poilis a' smaoineachadh gun robh buaireadh mu chead-dealbhachaidh aig taigh-òsta faisg air dachaigh Mgr MhicUilleim aig cridhe na cùise.
Bha Mgr MacUilleim air cur an aghaidh deic fiodha a chaidh a thogail aig taigh-òsta an Havelock.
Tha ùidh aig na poilis a-nise ann an duine nach robh air a cheangal ris a chùis rona seo.
Bha e a' fuireach ann an Inbhir Narann aig àm a mhurt agus bha e ag obair dha na seirbheisean èiginneach.
Bhiodh e tric ag òl sa Havelock is thathas ag ràdh gun robh e a' cumail ghunnaichean aig an taigh aige.
Cha deach duine a-riamh a chur an-grèim an co-cheangal ris a' chùis.