Cabhag ga h-iarraidh aig an Rest

  • Air fhoillseachadh
Rest and Be Thankful

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cabhag a chur air planaichean 'son fuasgladh maireannach a chur an sàs air an A83 aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal.

Tha maoimean-slèibhe air an rathad a dhùnadh tric is minig thar nam bliadhnaichean.

Dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba san Lùnastal £25m a chosg air obair-dealbhachaidh is obair-leasachaidh air slighe ùr tro Ghleann a' Chrò.

Ged a chuir Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid fàilte air sin, tha iad ag ràdh gu bheil feum air adhartas san aithghearrachd.

Thuirt iad gum feum obair tòiseachadh cho luath 's a ghabhas.

Dh'innis ceannard na comhairle, Robin MacMhuirich, gum bi mì-chinnt, troimh-chèile, is call ionmhais uile a' leantainn gus am bi fuasgladh maireannach ann.

"Maslach"

Tha a' chomhairle airson is gum bi am fuasgladh sin air a thaghadh is air a thogail ron ath-thaghadh do Phàrlamaid na h-Alba.

Fhuair iad taic bhon BhPA Tòraidheach 'son na Gàidhealtachd is nan Eilean, Dòmhnall Camshron.

Thuirt Mghr Camshron gu bheil e "maslach" nach deach fuasgladh a chur air dòigh ron seo.

Thuirt e gun robh bliadhnaichean aig Riaghaltas na h-Alba seo a dhèanamh.

Ann am brath thuirt Còmhdhail Alba gu bheil obair-dealbhachaidh a' leantainn air diofar roghainnean, bho rathaidean traidiseanta le dìon a bharrachd gu tunailean.

Dh'innis iad gu bheil dùil gun innis Ministear na Còmhdhail as t-Earrach 2023 dè an roghainn a tha an Riaghaltas airson toirt air adhart.