
Thèid moladh airson Bun-sgoil Drochaid Ruaidh a dhùnadh air beulaibh Comhairle na Gàidhealtachd aig deireadh na mìos.
Chaidh an sgoil a dhùnadh rè ùine ann an 2017 is an àireamh de sgoilearan air tuiteam gu mòr.
Choinnich comataidh foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo chaidh, taobh a-muigh airson co-chomhairle phoblach mun sgoil a dheasbad.
Air a' cheann thall dh'aontaich buill na comataidh gabhail ri moladh an sgoil a dhùnadh agus crìochan sgoile Bun-sgoil Drochaid an Aonachain atharrachadh airson Drochaid Ruaidh a ghabhail a-steach.
Bha an aithisg a chaidh air am beulaibh air innse gun robh tòrr phàrantan à Drochaid Ruaidh air a bhith a' ròghnachadh an cuid chloinne a chur gu Bun-sgoil Drochaid an Aonachain anns na bliadhnaichean mus deach Sgoil Drochaid Ruaidh a dhùnadh.
Thèid am moladh an sgoil a dhùnadh air beulaibh na Làn-Chomhairle a-nise aig deireadh na Dàmhair.
Gàidhlig
Ma gheibh e taic an sin, thèid a chur gu Riaghaltas na h-Alba is bidh ochd seachdainnean aig ministearan co-dhùnadh a bheil iad airson a dhol an sàs.
Bha beachd air nochdadh sa cho-chomhairle phoblaich gum bu chòir sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Drochaid Ruaidh.
Dh'innis an aithisg a chaidh air beulaibh comataidh an fhoghlaim gun deach coimhead ri seo is gu bheil an-dràsta nas lugha na còignear duine cloinne bho sgìre Sgoil Drochaid Ruaidh a' dol gu Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair.
Thuirt an aithisg leis an àireamh de sgoilearan agus an aois aig a bheil iad nach biodh e comasach FTMG a chur air adhart ann an Sgoil Drochaid Ruaidh.
Dh'innis oifigich na Comhairle do phàrantan gu bheil e comasach dhaibh fon lagh measadh iarraidh air an iarrtas 'son FTMG san sgìre.
Thuirt an aithisg nach cuala oifigich dad a bharrachd bhon choimhearsnachd mun chùis bho chaidh an stiùireadh sin a sgaoileadh sa Ghearran.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 Am Faoilleach 2022
