Eacarsaich mhòr airm aig tuath

  • Air fhoillseachadh
Cabhlach nan Stàitean Aonaiche air eacarsaich Joint WarriorTùs an deilbh, US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Joint Warrior tè de na h-eacarsaichean as motha aig NATO anns an Roinn Eòrpa.

Thòisich eacarsaich mhòr airm air Ghàidhealtachd air an deireadh-sheachdain.

'S e a' chiad earrainn a th' ann de dh'eacarsaich mhòir Joint Warrior, agus bidh eacarsaichean mara ann far chosta an iar na Gàidhealtachd, mun Pharbh agus ann an Caolas Arcaibh.

Bidh Joint Warrior ga ruith ann an trì earrainnean ann an diofar àiteachan air feadh Bhreatainn fad cola-deug.

Bidh feachdan NATO agus dùthchannan a tha ceangailte riutha a' gabhail pàirt, agus Roinn an Dìon ag ràdh gur e "àrainneachd shàbhailte ach coltach" a bhios ann.

Bidh mu 11,500 de dh'fheachdan an lùib na h-eacarsaich, le 45 soitheach agus bàt-aigeann, agus 30 itealan.

Am measg nam itealan a bhios a' gabhail pàirt bidh plèanaichean Typhoon agus P-8 Poseidon a tha stèidhichte aig RAF Inbhir Lòsaidh ann am Moireibh.