
Thòisich buidheann-iomairt ann an Eilean Luinn feuch nach tèid sgoil an eilein a dhùnadh.
Chaidh Sgoil Luinn a dhùnadh rè ùine ann an 2020 is gun sgoilearan sam bith a' dol innte.
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a-nise air aontachadh gun tèid pàipearan ullachadh an ath-bhliadhna gus an sgoil a dhùnadh buileach glan.
'S e adhbhar dragh a tha sin do chuid sa choimhearsnachd is iad den bheachd gum bu chòir an sgoil a bhith air a glèidheadh.
Bha Innes MacCuinn fhèin na sgoilear aig Sgoil Luinn. Tha e ag ràdh gu bheil an t-eilean, cleas iomadh àite eile air a' Ghàidhealtachd, air a bhith a' fulang le dìth thaighean 'son daoine òga.
Ach ged nach eil sgoilearan ann an-dràsta, tha faireachdainn ann an Luinn nach bu chòir an doras a dhùnadh air an sgoil.
Dòchas
Tha a' bhuidheann-iomairt ùr ag ràdh gu bheil oidhirpean a' dol gus daoine a thàladh chun an eilein is dòchas gun èirich àireamh an t-sluaigh.
Bidh sin nas duilghe às aonais sgoil, tha iad ag ràdh, is gu h-àraidh leis gum biodh aig cloinn ri dhol air aiseag a dh'Èisdeal mura h-eil sgoil ann an Luinn.
"Tha sinn den bheachd gum biodh e freagarrach air coimhearsnachd bheag mar seo 'son na sgoile a bhith a' fuireach dùinte airson ùine nas fhaide airson faicinn dè thachras san àm ri teachd", thuirt Mgr MacCuinn, a tha e fhèin na bhall den bhuidhinn-iomairt.
"Tha dòchas ann gum bi barrachd theaghlaichean ann ann am beagan bhliadhnaichean, is an uairsin gum biodh e iomchaidh an sgoil fhosgladh a-rithist le 's dòcha ochdnar no deichnear chloinne.
"Tha tòrr diofar rudan a' tachairt sa choimhearsnachd an-dràsta. Tha an t-urras coimhearsnachd a' beachdachadh air taighean aig prìs reusanta a thogail, tha iad a' coimhead air diofar rudan a thaobh nan creagan fhosgladh a-rithist.
"Tha dòchas anns an eilean agus bhiodh e gu math doirbh a bhith a' tàladh dhaoine dhan choimhearsnachd gun sgoil", thuirt e.
A thuilleadh air a bhith ag iomairt 'son an sgoil a chumail fosgailte, tha a' bhuidheann-iomairt cuideachd airson is gum bi cothrom aig a' choimhearsnachd an togalach a chur gu feum nuair a tha i dùinte.