Iomairt gus Beinnn Nibheis a dhèanamh nas sàmhaiche

  • Air fhoillseachadh
Ceum Beinn Nibheis

Tha sgeama ùr ga toirt a-steach feuch dèanamh cinnteach nach bi cus dhaoine a' dìreadh Beinn Nibheis aig an aon àm.

Bidh timcheall air 150,000 duine a' tadhal air a' bheinn gach bliadhna agus tha trioblaid ann le sgudal is salachar dhaoine.

Nuair a thig cus aca aig an aon àm, tha an t-slighe chun a' mhullaich ro thrang, agus le sin, tha sgeama ùr ga toirt a-steach feuch àireamhan a chumail reusanta.

Gheibh buidhnean a tha a' cur thursan carthannais is eile air dòigh cothrom mìosachan air loidhne fhaicinn a dh'innseas cò eile a th' air clàradh airson a bhith air a' bheinn air diofar làithean, agus faodaidh iad amannan tranga a sheachnadh.