MacDhùghaill gus ath-thagradh a dhèanamh

  • Air fhoillseachadh
Uilleam MacDhùghaillTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Uilleam MacDhùghaill às àicheadh gun do mhuirt e Renee agus am mac Anndra

Tha fireannach, 80, a chaidh a dhìteadh airson murt a sheann leannain agus am mac òg air Ghàidhealtachd an dùil ath-thagradh a dhèanamh, a rèir na sgioba-lagha aige.

Chaidh binn co-dhiù 30 bliadhna sa phrìosan a chur air Uilleam MacDhùghaill airson Renee NicRath, 36, agus am mac Anndra, a bha trì, a mhurt deas air Inbhir Nis ann an 1976.

Chaidh a dhìteadh cuideachd gun d' fhuair e cuidhteas na cuirp. Cha deach an dust a lorg riamh.

Bha MacDhùghaill, à Penrith ann an Cumbria, air a dhol às àicheadh nan casaidean uile a bha na aghaidh.

Bha an luchd-lagha aige air dìon sònraichte fèin-choireachadh agus alibi a chur air adhart air a shon sa chùis aig an Àrd-Chùirt an Inbhir Nis.

Dhearbh comhairleach dìon MhicDhùghaill, Murray Macara KC, gun deach pàipearan a chur a-steach a dh'innse gu bheil dùil ath-thagradh a dhèanamh.

Anndra agus Renee NicRathTùs an deilbh, Teaghlach Renee NicRath
Fo-thiotal an deilbh,

Cha deach dust Anndra MhicRath, a bha trì, no a mhàthair Renee, fhaighinn riamh

Chaidh a' Bh-Ph. NicRath agus Anndra à fianais air an 12na là den t-Samhain 1976. Chaidh a càr a lorg an oidhche sin na theine ann an camas-stad air an A9 aig Dail MacGearraidh, deas air Inbhir Nis.

Chuala a' chùirt gun robh sin air càirdeas eadar MacDhùghaill, a bha pòsta, agus a' Bh-Ph. NicRath, a thoirt am follais, agus gun robh dùil aicese gun robh iad a' coinneachadh airson deireadh-seachdain còmhla mus gluiseadh iad a Shealtainn.

Dh'innis MacDhùghaill, a bha a' fuireach agus ag obair ann an sgìre Inbhir Nis aig an àm, do na Poilis nach do choinnich e ris a' Bh-Ph. NicRath, agus nach robh càil a dhùil aige gluasad dha na h-Eileanan mu Thuath.