
Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt cùmhnant trèana-oidhche a' Chaledonian Sleeper gu ceann seachd bliadhna nas tràithe na bha dùil.
Sguiridh Serco a' ruith na seirbheis, a bhios a' ruith eadar Alba is Lunnainn san Ògmhios 2023, an àite 2030.
Bha a' chompanaidh air iarraidh gun deadh an cùmhnant ath-aontachadh an dèidh mar a thug am pandemic buaidh air seirbheisean rèile.
Ach dh'innis Ministear na Còmhdhail, Jenny Gilruth, gun deach am moladh sin a dhiùltadh leis nach biodh e air deagh chleachdadh a dhèanamh air airgead phoblach.
Thuirt i gun robh Serco air "seirbheis mhath a thoirt seachad" 's gun robh iad air piseach mòr a thoirt air an t-seirbheis thar nan seachd bliadhna mu dheireadh.
Thuirt i gun deadh gnothaichean eile a chur air dòigh gus an leanadh an t-seirbheis an dèidh don chùmhnant aig Serco tighinn gu ceann.