
'S e briseadh-dùil a bh' ann am Pròiseact Neptune - an t-ath-sgrùdadh air lìonra aiseig a' chosta an iar a chaidh a dhèanamh do Chòmhdhail Alba agus a nochd air a' mhìos seo chaidh.
Sin beachd Chathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.
Dh'iarradh esan siostam nas sùbailte le slighean air an roinn - "unbundling" mar a theirear ris - agus barrachd smachd a thoirt dha na comhairlean, mar a tha a' tachairt ann an Nirribhidh.
"Tha mi a' smaoineachdainn gun robh dùil againn ri cus a bharrachd às a' phròiseact a bha seo na fhuair sinn," thuirt e.
Barrachd Smachd
"Tha e mar gum biodh a' cur dhaoine rathad CMAL agus CalMac a chur còmhla.
"An dragh a th' oirnne mu rud mar sin, tha thu a' dèiligeadh ris na daoine àbhaisteach a th' agad an-dràsta agus na co-dhùnaidhean gan dèanamh an Guraig 's an Dùn Èideann.
"Chan e sin a tha a dhìth oirnn idir.
"Tha a dhìth oirnn barrachd smachd fhaighinn air seirbheisean anns na h-Eileanan agus gu h-àraid barrachd a bhith aig an ùghdarras ionadail fhèin ri ràdh an lùib ghnothach aiseagan.
"Bha sinne a' coimhead airson an t-seòrsa rud a tha a' tachairt an Nirribhidh, mar eisimpleir.
"Chan e toirt a h-uile dad às a chèile idir mar gum biodh, ach a' cumail caran Caledonian Mhic a' Bhriuthainn aig ìre a thaobh ticeadan is margaidheachd 's rudan mar sin, ach le barrachd smachd air na tha a' tachairt a thaobh seirbheisean sna h-Eileanan an Iar fhèin.
"Tha e tàmailteach nach deach rudan fhosgladh a-mach nas fharsainge, agus nach deach barrachd fhaighneachd de dh'eileanaich fhèin timcheall air dè dh'iarramaid anns na bliadhnaichean a tha romhainn.
"'S e an dragh as motha a th' oirnn, gu bheil co-chomhairle eile gu bhith ann, agus mar a tha fhios againn uile, chan eil beachdan na coimhearsnachd a' tighinn a rèir nam beachdan a th' aig an Riaghaltas, Còmhdhail Alba 's daoine eile. Cha thachair e.
"Chunnaic sinn e a thaobh chuspairean nan aiseagan fhèin eadar Ulapul is Steòrnabhagh far an do rinn a' choimhearsnachd gu math soilleir gur e dà aiseag nas lugha a bha iad a' coimhead air a shon 's cha do thachair sin.
"Bidh eagal oirnn, mar a tha tòrr cho-chomhairlean, gun toir e grunn bhliadhnaichean agus nach tig dad às a dh'iarramaid.
"Tha misneachd againn gur e seann cheannard na Comhairle a tha os cionn seo agus tha tuigse mhath aige air na h-iarrtasan a th' aig na h-Eileanan, agus bhiomaid an dòchas, ma nìthear an obair seo gun tig rudeigin às," thuirt e.