
Chan eil an Isle of Lewis air ais ann an seirbheis fhathast.
Tha troimh-chèile a' leantainn le cuid de sheirbheisean aiseig air a' chost an iar Dimàirt ri linn aiseagan a tha briste.
Ged a tha am Finlaggan a-nise air a càradh is i air ais air slighe Ìle, tha obair a' leantainn air an Lord of the Isles agus an Isle of Lewis.
Leis gun robh Barraigh grunn làithean as aonais seirbheis, chaidh an Clansman a chur air an t-slighe eadar an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil bho 08:00m Dimàirt.
Thig fìos feasgar mu sheòlaidhean Diciadain.
Leis gun deach an Clansman a chur air slighe Bharraigh, tha seo a' fàgail nach bi seirbheisean eadar an t-Òban is Colla, Tiriodh is Colbhasa Dimàirt.
Thuirt CalMac nach e co-dhùnadh furasta a bha seo is gu bheil iad mothachail air a' bhuaidh air coimhearsnachdan. Thabhainn iad leisgeul air a h-uile duine air am bi seo a' bualadh.
Uallach
Cha bhi seirbheisean eadar Malaig is Loch Baghasdail Dimàirt nas motha leis an Lord of the Isles fhathast briste, is chaidh seòladh na maidne Diciadain a chur dheth cuideachd.
Gheall CalMac fios tron là mun t-seòladh aig 1:50f Diciadain à Malaig, is iad ag ràdh gu bheil a h-uile coltas gur ann às an Òban a bhios e ma thachras e idir.
A thuilleadh air sin, dh'innis CalMac gu bheil droch shìde Dimàirt agus obair air a' chidhe ann an Loch nam Madadh a' fàgail gu bheil cuid de sheirbheisean eadar Ùige, Loch nam Madadh is an Tairbeart dheth is clàr-ama eadar-amail an sàs.
Gheibhear am fiosrachadh as ùire bho ChalMac an seo, taobh a-muigh.
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan Diluain, thuirt àrd-stiùiriche ChalMac, Robbie Druimeanach, gu bheil cùisean doirbh leis gu bheil a h-uile aiseag a th' aca air an cur gu feum an còmhnaidh.
Dh'innis e gu bheil sin a' ciallachadh nach eil sùbailteachd sam bith aca is gu bheil e doirbh obair-càraidh a dhèanamh gu cunbhalach.
Thuirt e gu bheil dùil gun tig piseach air gnothaichean nuair a thig aiseagan ùra a-steach a sheirbheis.