Buannachd £1m an cois Fèis an Eilein Duirche

  • Air fhoillseachadh
Fèis an Eilein Duirche.

Chuir Fèis an Eilein Duirche as t-samhradh £1m ris an eaconomaidh ionadail.

Dh'innis rannsachadh aig a' bhuidhinn MKA Economics gun robh 5000 duine aig an fhèis ann am Beinn nam Fadhla.

Chaidh an fhèis a chumail a-rithist san Iuchar 'son a' chiad turais bho 2019 is am pandemic air buaidh a thoirt oirre.

Thàinig dùbhlan eile am-bliadhna nuair a thàinig e am bàrr goirid ro-làimh nach gabhadh teantaichean fhaighinn.

Dh'fhàg sin gun deach an làrach atharrachadh gu tur agus 's e fèis dha-rìribh air a' bhlàr-a-muigh a bh' ann, is gun ach aon àrd-urlar ann.

Soirbheachas

A dh'aindeoin sin, sheall an sgrùdadh gun do chuir an fhèis mu £1m ris an eaconomaidh, suas mu 61% bho 2019.

Bha àrdachadh cuideachd mu 30% air an àireimh de dhaoine a bha an làthair.

'S ann às na h-Eileanan fhèin a bha mu 50% de na bha aig an fhèis, is fhuair MKA gun robh mu 20% de na bha an làthair a' tadhal air na h-Eileanan an Iar 'son a' chiad turais.

Dh'innis Fèis an Eilein Duirche gu bheil iad airson togail air an t-soirbheachas a bh' aca is manaidsear leasachaidh na fèise, Ruairidh MacAoidh, ag ràdh gu bheil iad 'son is gum bi tachartas aca nach bi duine airson call.

Tha iad mar-thà air dearbhadh gum bi Vengaboys am measg na bhios a' nochdadh aig an fhèis ann an 2023.