Aithne shònraichte dha Màiri Mhòr nan Òran

Chaidh aithne shònraichte a bhuileachadh air Màiri Mhòr nan Òran ann an Dùn Èideann Diluain.

Fhuair Màiri Mhòr leac dhi fhèin ann am Makars' Court san t-seanna bhaile, àite a tha a' comharrachadh sàr-bhàird is sgrìobhadairean na h-Alba thar nan linntean.

Chualas cuid de dh'òrain ainmeil na bana-bhàird Sgitheanaich aig a' chruinneachadh cuideachd.