
Dh'iarr Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air daoine aig a bheil cothrom air banachdaichean Covid-19 is flù a thighinn air adhart is iad ag ràdh gur e seo an dòigh as fheàrr a bhith air an dìon thairis air a' Gheamhradh.
Thàinig seo is banachdaichean a-nise air an tabhainn do dhaoine a tha nas sine na còig bliadhna de dh'aois is a tha ann an cunnart nas motha bho Chovid is flù.
Fhuair daoine a tha nas sine na 65, còmhla ri feadhainn a tha ag obair aghaidh ri aghaidh ann an seirbheis na slàinte is seirbheis a' chùraim, cothrom air na banachdaichean mar-thà.
A-nise thèid banachdaichean a thabhainn air dà mhillean neach eile ann an Alba thar an ath thrì mìosan.
Tha seo a' gabhail a-steach feadhainn a tha nas sine na còig is aig a bheil suidheachadh slàinte a dh'fhaodadh an cur ann an cunnart a bharrachd bho Chovid agus flù.
Cluinnidh iad le litir, post-d no teachdaireachd teacsa.
Moladh
Thuirt Stiùiriche Slàinte Poblaich NHS nan Eilean Siar, an Dr Maggie Watts, gu bheil iad a' moladh do dhaoine gu làidir an cothrom a ghabhail.
Dh'innis an Dr Watts gu bheil an dìon bho bhanachdaichean a' lagachadh thar ùine, is gu bheil e cudromach banachdach ùr fhaighinn.
Thuirt am bòrd slàinte gum bu chòir do dhaoine nach fhaigh fios is a tha a' smaointinn gu bheil còir aca a dhol an seo, taobh a-muigh.
Bu chòir banachdaichean airson chloinne nas òige na 16 anns na h-Eileanan an Iar a chur air dòigh le a bhith a' fònadh gu 01851 708028.
Bu chòir duine sam bith a tha 65 no nas sine is nach d' fhuair fios fhathast fònadh gu 0808 196 8383.
Tha cothrom aig boireannaich a tha trom air banachdach cuideachd is bu chòir dhaibh bruidhinn ris a' bhean-ghlùine aca mura h-eil iad air fios fhaighinn.
Thuirt am bòrd slàinte gum bu chòir do dhaoine eadar 50 is 64 nach eil ann an cunnart a bharrachd feitheamh airson fios mu cuin a bhios cothrom aca air banachdaichean.