Naidheachdan 11:00m

Referendum

Èistidh britheamhan anns a' Phrìomh Chùirt ri argamaidean an-diugh am faod Pàrlamaid na h-Alba referendum a chur air dòigh air neo-eisimeileachd. Tha Nicola Sturgeon airson bhòt a chumail an ath-bhliadhna, ach tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' diùltadh sin a cheadachadh. Tha am Prìomh Mhinistear air iarraidh air a' chùirt co-dhùnadh a bheil an cumhachd aig Pàrlamaid Holyrood airson bile referendum a chur troimhe ge b' e dè chanas Lunnainn. Tha dùil ri dà là de dheasbad le co-dhùnadh ro dheireadh na bliadhna.

Cion-cosnaidh

Tha àireamh chion-chosnaidh na Rìoghachd Aonaichte air tuiteam chun na h-ìre as ìsle bhon Ghearran 1974. Sheall dàta bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun do thuit an ìre 3.5% anns na trì mìosan chun an Lùnastail. Tha figearan an ONS cuideachd a' sealltainn gun do dh'èirich pàigheadh àbhaisteach 5.4% thairis air an aon àm, ach gu bheil ìre àrd na h-atmhorachd a' ciallachadh gun tàinig lùghdachadh de dh'fhaisg air 3% air luach thuarastalan.

Banca Shasainn

Dh'fhoillsich Banca Shasainn gum b' fheudar dhaibh gluasad a-rithist airson tuilleadh de bhannan-iasaid an Riaghaltais a cheannach. Thug iad an sgeama a-steach às dèidh a' mheanbh-bhuidseit aig Kwasi Kwarteng ann an oidhirp na margaidhean ionmhais a shocrachadh. Ach thòisich cosgaisean iasaid ag èirigh a-rithist an-dè, nuair a dhearbh am banca gun tig an sgeama gu crìch air an t-seachdain seo.

Amannan Feitheimh

Tha na h-àireamhan de dh'Albannaich a bha a' feitheamh còrr is ochd no dusan uairean de thìde airson cobhair ann an ionad A&E air a dhol an-àirde a-rithist. Sheall àireamhan airson na seachdain gu ruige an 2na là den Damhair, gun robh 3,427 euslaintich a' feitheamh còrr is ochd uairean de thìde ann an ionad tubaiste is èiginn. Dhiubh sin bha barrachd air an treas cuid - 1,510 - a' feitheamh còrr is 12 uair de thìde. Chaidh 64% fhaicinn an taobh a-staigh na targaid de cheithir uairean de thìde a chaidh a stèidheachadh leis an Riaghaltas.

Obar Dheathain

Chaidh dithis, boireannach agus fireannach, a thoirt dhan ospadal às dèidh do charbad car a chur dheth fhèin ann am meadhan Obar Dheathain an-raoir. Cha robh ach aon chàr an sàs anns an tubaist, a thachair air Sràid a' Chrùin mu 01:30m. Tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad fhathast a' rannsachadh dè thachair, agus tha an rathad fhathast dùinte eadar Barraid Springbank agus Sràid an Aonaidh.