
Tha cuireadh ga thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd air Ghàidhealtachd cur airson taic leis an toir iad cuideachadh do dhaoine cumail blàth air a' Gheamhradh seo.
Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead san t-Sultain airson maoin Taic Chosgaisean Bith-beò £450,000 a chruthachadh airson taic coimhearsnachd do theaghlaichean a bhios ann an èis.
Tha cothrom a-niste aig buidhnean ionadail agus saor-thoilich na treas roinne cur airson ghrantaichean suas ri £10,000 leis an toir iad biadh, flasgaichean, aodach blàth no fuasglaidhean practaigeach eile seachad a chuidicheas daoine gus cumail blàth agus sàbhailte tro na mìosan a tha romhainn.